Junior guides at Arnol Blackhouse

Tha sinne aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) an còmhnaidh a’ sireadh dòighean cruthachail gus obrachadh le clann ri linn ar dualchas is ar eachdraidh a thaisbeanadh às ùr. ‘S e sin os coireach gun do chur sinn air adhart pròiseact ùr le clann Sgoil an Taobh Siar am bliadhna a bhios a’ cleachdadh meadhan film airson seann sgeulachdan aithris.

Airson beagan cùl-fhiosrachaidh, tha sinn air a bhith ag obair leis an sgoil bhon a’ bhliadhna 2009 fon a sgeama nàiseanta Junior Guides is shoirbhich leinn ann an iomadh dòigh. Ach b’ ann an-uiridh, nuair a thàinig an sgioba ionnsachaidh, an t-oifigear planadh is poileasaidh na Gàidhlig ÀEA agus an sgoil còmhla, gus an do chuir sinn romhainn beachdachadh air pròiseact is dùbhlan ùr.

filming at Arnol Blackhouse

Cha tug e fada gus an tàinig beachd gu buil gum biodh e math film a chruthachadh le ceangail ris an taigh-dhubh aig Àrnol is mar sin thàinig An Tac an Teine gu bith. Film a tha a’ toirt sealladh air mar a bha beatha daoine air a’ Ghàidhealtachd coltach, is a’ dèanamh ceangail eadar an taigh-dubh, a’ choimhearsnachd is seann sgeulachdan a bha bitheanta ann an cultar nan Gàidheal. Sgeulachdan a tha stèidhichte air Mhac an t-Srònaich, no an t-Each-uisge is iad na seòrsa rudan a bhios a’ cumail daoine blàth an tac an teine ‘s na seann làithean.

Gus am beachd seo a chur air bhog, thàinig companaidh dràma Illuminate UK, agus companaidh riochdachaidh Uist Film air bhòrd gus an sgriobt a dheasachadh is oideachadh a thoirt don chloinn. An uair sin, chuir sinn seachad ceithir làithean fuara fada san taigh-dhubh fhad ‘s a bha blèideagan sneachda a taomadh oirnn!

Pàrantan a’ coimhead thairis an taisbeanaidh a bha mar phàirt den oidhche san Ionad Grinneabhat

Pàrantan a’ coimhead thairis an taisbeanaidh a bha mar phàirt den oidhche san Ionad Grinneabhat

Cha robh gearran ri chluinntinn ge-tà, is chruthaich sinn dà fhilm ann an ceithir latha! Às dèidh sin, is beagan ghleans a chur air an fhilm, ga ghearradh, agus ceòl air a chuir ris; anns an Dàmhair 2016 bha sinn deiseil airson ga chur a-mach don mhòr shluaigh.

Saoil am biodh na pàrantan ceart cho moiteil san robh sinne? Gus faighinn a-mach chuir sinn air dòigh ciad sealladh den fhilm san Ionad Grinneabhat air taobh an iar Leòdhais. Thàinig cha mhòr 100 duine a-mach an oidhche ud is tha na beachdan a fhuair sinn air ais gu math misneachail.

Update your third party preferencess to view content

An rud a tha dìreach sgoinneil mun a’ phròiseact seo, ‘s e is gun robh e a’ toirt meadhan is cothrom don chloinn ri bhith faisg air eachdraidh àite na coimhearsnachd, is an dualchas aca fhèin. Is tro sgeulachdan, dràma is ionnsachadh stuth teicnigeach bha iad a’ faighinn leasachadh ann an sgilean a tha ceart cho sean ri taigh-dhubh, is ùr-nòsach gu leòr is a’ freagairt air an latha an-diugh. ‘S e a’ chlann a bha nar rionnagan san fhilm seo gun teagamh, is tha sinn an dòchas gum bi barrachd ri thighinn.


Share

About Author

mm

Ruairidh Graham

Ruairidh previously worked for HES as Gaelic Policy Officer. – B’ àbhaist dhaRuairidh a bhith os cionn poileasaidh na Gàidhlig aig ÀEA.View all posts by Ruairidh Graham