A watercolour illustration. A man and woman stand in front of a traditional blackhouse - a low thatched cottage. The woman carries a bucket of fish. The man wears a green hat and holds a pot and some rope. They don't look quite human. They only have one nostril.

Tha sinn uile air am faicinn, ged a b’ ann fiù ann an leabhraichean dhealbhan – creutairean beaga le sgiathan, air an èideadh ann an aodach air an cumadh à flùr-bhileagan. Tha iad diùid agus èalaidheach ach gun chron sam bith, stuth aislingean chloinne.

Tha sin ceart, ma tha sinn a’ meòrachadh air sìthichean sgeulachdan chloinne, mar a chaidh a dhèanamh fasanta le sgrìobhadairean mar Màiri Cicely Barker. Tha iadsan gu modhail air an riochdachadh ann an dathan lios dhùthchail Shasannach; ach ’s cinnteach gum biodh a leithid sin de bhithean beaga a-mach à àite sa Ghàidhealtachd.

Cha dèanadh am breug-riochd pastail aca ach an seasamh a-mach barrachd mu choinneamh cùl-raon fraochach creagach. Gu dearbh, cha mhòr gun robh na  ‘sìthichean fhlùraichean’ aig Barker a’ coimhead co-cheangailte idir ri cinneadh shìthichean na Gàidhlig.

A watercolour of a dramatic glen with towering mountains on either side. A village sits in the foreground dwarfed by the giant mountains.

Tha na sìthichean, no nithean seunta, air lorg ann an ainmean-àite na h-Alba mar Gleann Sìth, ann an Siorrachd Pheairt. © Courtesy of HES (Collection of watercolour sketches by ‘A.C.’ of views in the Highlands of Scotland)

Comharrachadh sìthiche Gàidhlig

Àirde

Chan e creutair beag a th’ ann an sìthiche beul-aithris na Gàidhlig idir ach creutair den aon mheud ri an cèilean daonna.  Tha na cunntasan beagan eadar-dhealaichte, ach chan eil iomradh air am meud ach ainneamh agus far a bheil tha iomradh orra mar a bhith dìreach beagan nas lugha na duine àbhaisteach. Gu dearbh, tha sgeulachdan ann mu dhaoine a’ tighinn tarsainn air sìthichean, ach mì-chinnteach nach e daoine a bh’ annta. Tha seo coltach ri bhith ag ràdh nach eil ach beagan diofar no nach eil diofar mòr sam bith ann am meud  – agus gu dearbh nach b’ e creutairean mion-bheag leithid Thumbelina no Tinkerbell a bh’ annta.

Diofaran corporra

A bharrachd air aithris an-dràsta ’s a-rithist mu àirde, tha grunn iomraidhean air sìthichean air a’ Ghàidhealtachd a’ bualadh air dà fheart chorporra eile a tha an làthair uaireannan. An toiseach, tha inneas air cuid de shìthichean aig nach eil ach aon chuinnlean; an uair sin, tha aithris glè thric gu bheil broilleach fada crochte air sìthichean boireann. Dh’fhaodadh gu bheil an àraidheachd mu dheireadh seo co-cheangailte ri pàirt chudromach eile de sheanchas nan sìthichean, a rannsaicheas sinn nas fhaide air adhart: an tàcharan.

A watercolour illustration. A man and woman stand in front of a traditional blackhouse - a low thatched cottage. The woman carries a bucket of fish. The man wears a green hat and holds a pot and some rope. They don't look quite human. They only have one nostril.

Dh’fhaodadh e bhith glè dhoirbh sìthiche aithneachadh. Bha iad gu math coltach ri daoine. Creideas deilbh: Brian Lee.

Èideadh

A-rithist, chan eil an cuid aodaich a’ nochdadh ach glè bheag a thaobh bheachdan air tùs shìthichean. Coltach ri an co-aoisean daonna, bhiodh sìthichean air an èideadh ann an dathan na cruth-tìre: aodach air a dhèanamh san dachaigh, le dìreach dathan nàdarra rim faotainn, a’ cruthachadh pailead de dhathan donn agus glas. Tha an t-eòlaiche beul-aithris bhon 19mh linn, An t-Urr Iain Gregorson Caimbeul, a’ togail air corra ‘bonaid gorm’ no ‘blue bonnet’, am measg shìthichean Gàidhealach, a bheireadh orra seasamh a-mach gun teagamh sam bith.

Ach, dh’fhaodadh gur e mì-eadar-theangachadh a tha seo bho thaobh a’ Chaimbeulaich oir is e ‘gorm’ an t-aon fhacal ’s a tha air a chleachdadh airson iomradh a thoirt air an t-seòrsa tuaran uaine a’ lorgar ann an nàdar. Tha fios gum biodh seo mar dhath nas creidsinniche ri lorg am measg nan dathan doilleir eile ann am preas-aodaich nan sìthichean.

in the foreground a rough pile of large stones on a hillside. In the distance is the sea with a group of industrial looking buildings on the shore.

Tha cùirn fhaide Cnoc Freiceadain cuideachd aithnichte mar ‘Na Trì Sìthean’. Ann a bhith feuchainn gus na àitichean-tìodhlacaidh nuadh-chreagach seo a thuigsinn, shaoil na coimhearsnachdan a dh’fhalbh gun robh buntanas aca ri gnothaichean os-nàdarra.

Giùlan nan Sìthichean

Buidhnean sòisealta

Tha tional air na tha againn clàraichte a thaobh creideas shìthichean Gàidhealach ag innse gu bheil mòran cho-shìnidhean eadar an comann-sòisealta acasan agus againne. Tha e coltach gum biodh sìthichean a’ còmhnaidh ann am buidhnean teaghlaich taobh a-staigh choimhearsnachdan nas fharsainge. Bha dreuchdan aca is bha iad a’ mothachadh an làn raoin de fhaireachdainnean daonna. A thuilleadh air a sin bha taobh rògach orra!

Gu dearbh, dh’fhaodadh gun robh na coltasan sin – ged a bha iad a’ gleidheadh brìgh na draoidheachd is dìomhaireachd – dhuinne mar an nì a rinn creideas ann an sìthichean cho feumail. An dèidh gach nì, tha iad mòran nas fhasa eòlas a chur orra a chionn ’s gu bheil iad coltach rinn fhìn. Tha aithne orra nan dòigh brosnachaidh agus nan giùlain.

Tha Raghnall MacIlleDhuibh, deasaiche ‘The Gaelic Otherworld’ , air àite creideis ann an sìthichean ann am beatha ar sinnsirean a choltachadh ri siabainn air an telebhisean nar beatha làitheil fhìn. Tha caractaran sna siabainn coltach rinn fhìn – aithnichte ach fhathast cian-annasach; agus faodaidh sinn a bhith beò gu h-ionadach tromhpa, a’ rannsachadh mar a bhiodh sinn a’ faireachdainn mu dheidhinn, no a’ dèiligeadh le, na càsan ris a bheil iad a’ cothachadh nam beatha.

A cosy historic interior of a blackhouse cottage. A large black kettle hangs on a chain from the ceiling over a fire in the middle of the floor. Simple furniture lines the walls of the room.

Taigh-dubh Àrnoil. Is cinnteach gum biodh iomadh sgeulachdan earalaidh mu na daoine sìthe air innse an tac an teine.

Mìneachadh an do-mhìneachaidh

Tha rannsachadh nua-aimsireil ann an raon de chuspairean air leudachadh air a’ bheachd gun robh creideas ann an sìthichean na dhòigh air mìneachadh agus dèiligeadh ri suidheachaidhean doirbh sa bheatha làitheil.

Thathar a’ gabhail ris gu farsaing gun do thionndaidh ar sinnsirean chun an t-saoghail os-nàdarra airson mìneachadh air cùisean nach b’ urrainn dhaibh a thuigsinn air dhòigh eile. Bhiodh coire ga chur gu tric air sìthichean airson raon de thubaistean dachaigheil, a’ gabhail a-steach nithean a’ dol air chall, no beathaichean a bhith tinn.

Tha rannsachadh ag ràdh cuideachd gun robh iadsan a bha a’ strì le gabhail ri bàs naoidhein no màthar, no suidheachaidhean bunaiteach beatha chloinne, glè thric a’ tionndadh gu creideas shìthichean mar mheadhan air na cùisean sin a mhìneachadh.

Mèirle

Tha an t-Urr Iain Gregorson Caimbeul a’ toirt iomradh air na sìthichean a bhith mar ‘ailbhearan foillteach’, oir gu dearbh tha cliù aca airson a bhith a’ falbh le nithean nach buin dhaibh. Ach, cha bhiodh sìthichean Gàidhealach a’ goid san dòigh a dh’fhaodadh mèirleach-taighe daonna a bhith. Dh’fhaodadh gum falbhadh iad le susbaint an nìthe no an neach ach an-còmhnaidh dh’fhàgadh iad rudeigin às an dèidh, mar sin cha b’ urrainn dhut a ràdh gun do dh’fhàg iad thu falamh …

Mèirlich a’ bhainne

B’ e aon de na gearanan a bu bhitheanta an aghaidh shìthichean anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan gun toireadh iad ‘an toradh às a’ bhainne’.  Bha seo dèante fhad ’s a bha am bainne fhathast aig a’ bhò, gus nach robh an neach a bha a’ bleoghann na bà air fhàgail le peile falamh, ach le tomhas de lionn uisgeach tana gun bhrìgh beathachail sam bith. Bha seo àbhaisteach don dòigh sam biodh na sìthichean a’ goid: a’ toirt air falbh a’ mhathais dhaibh fhèin agus a’ fàgail breug-shamhail den bhainne às an dèidh.

Two large ginger shaggy highland cows graze in front of a ruined castle.

Bha na sìthichean nan dearg-mhèirlich, a’ goid a’ bhainne a b’ fheàrr. Creideas deilbh: Kyle Stiùbhart

Tàcharanan

Is cinnteach gur e an eisimpleir air as fheàrr fios mu mhèirle shìthichean, an suidheachadh a tha aithnichte mar an ‘tàcharan’. Tha sgeulachdan gu leòr ann am beul-aithris na Gàidhlig mu leanabain gan toirt às an creithlean agus co-leithid sìthiche gan cur nan àite. A-rithist, tha an leanabh daonna air a thoirt bho a phàrantan ach chan eil iad air am fàgail gun phàiste; tha sìthiche aca airson cùram a ghabhail dheth.

Tha coltas gu bheil beul-aithris Gàidhlig ag ràdh nach e leanabh sìthiche a tha san leanabh ùr a tha sa chreathail ge-tà, ach bodach-sìthe no cailleach-sìthe – seann dhuine no seann bhean bho chinneadh nan sìthichean.

Tha e air a ràdh gum biodh sìthichean a’ sanntachadh chloinne daonna air sgàth am bòidhchead agus dh’innlich iad an cleas clis seo air a bhith a’ faighinn nì a bha iad ag iarraidh, agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gun deigheadh cùram a ghabhail do na seann daoine aca fhèin!

Is e aon fheart de sgeulachdan nan tàcharan, gu bheil comasan no eòlas seachad air am bliadhnaichean òga aig am ‘pàiste’ a chaidh fhàgail. Ann an aon sgeulachd à Uibhist a Tuath, tha boireannach a’ lorg an leanaibh aice a’ cluich an fheadain sa chreathail, mar eisimpleir.

A watercolour of an empty cradle with a small-childlike figure standing beside it grasping a whistle. It is a changeling. Beside is a fairy-woman with her back to us. She is carrying a human baby and pointing to the changeling to get into the cradle. In the next room the baby's mother has her back to the scene.

Bha tàcharan air fhàgail mar co-leithid nuair a chaidh leanabh air an goid le sìthiche. Creideas deilbh: Brian Lee.

Tha iad buailteach càil-bìdh mion-acrach a bhith aca, ach chan eil iad a’ fàs dad nas reamhra no nas ròsaiche mar a bhiodhte a’ sùileachadh le leanabh air a dheagh bhiathadh. Tha a h-uile nì seo a’ toirt creideas don teòiridh gun deach beul-aithris a chruthachadh gus mìneachadh a dhèanamh air an t-seòrsa shuidheachaidhean tràth nam beatha nuair nach biodh naoidheanan a’ soirbheachaidh.

Uaireannan, bidh na sgeulachdan sin a’ toirt iomradh air a’ mhàthair a bhith air a togail air falbh leis na sìthichean. Bhathar a’ creidsinn nach robh mnathan-sìthe comasach air an clann fhèin a bhiathadh (is dòcha mar thoradh air am broilleach a bhith mì-chùmta). Tha na sgeulachdan sin gam faighinn air an toirt an grèim airson a bhith nam banaltraman glùine ann an saoghal nan sìthichean.

Cliù

Tha faireachdainn ann gun robh ar sinnsirean beò fo fhiamh nan sìthichean, a’ sireadh an-còmhnaidh ri an cumail dòigheil, air eagal ’s gun deigheadh crostachd nan sìthichean a thionndadh nan aghaidh.

Tha e do-dhèante a ràdh eadar gun robh iad math no dona, oir bha comas aca a bhith aon seach aon dhiubh. Ged a tha mòran de sgeulachdan nan tàcharan a’ nochdadh nach biodh iad a’ toirt air falbh ach clann air an robh coltas a bhith fo dhroch cùraim, bha an t-eadar-mhìneachadh acasan air dearmad màthaireil glè chruaidh – boireannach nach robh ach air tionndadh air falbh airson mòmaid gus obair riatanach air choreigin san dachaigh a choileanadh, mar eisimpleir.  Bha cliù aca gun teagamh a bhith socair nan dèiligidhean le clann; ’s e gnothach eile a bh’ ann a thaobh inbhich.

Gu mòr mar fhreastail, dh’fhaodadh iad a bhith coibhneil no cruaidh ort, agus cha b’ urrainn dhut nì a dhèanamh gus tu fhèin a dhìon ach a bhith cho spèiseil ’s a ghabhas.

Sin an t-adhbhar gun robh na Gàidheil glè mhionaideach mun dòigh san toireadh iad iomradh air cinneadh nan sìthichean oir cha robh cinnt aig àm sam bith cuin a dh’fhaodadh iad a bhith ag èisteachd!

Fiosrachadh mun ùghdar

Tha Catrìona Mhoireach na h-Òraidiche, aig Oilthigh na Gàidhealtachd, air Gàidhlig, eachdraidh sòisealta na Gàidhealtachd, daonn-eòlas agus beul-aithris a measg rudan eile.

Read more

Thoir sùil air barrachd blogaichean mu Gàidhlig.

Airson barrachd ionnsachadh mu bhuaidh nan sìthichean air cruth-tìre na h-Alba? Tha Ruairidh MacIlleathain ag innse mu ainmean-àite na h-Alba ceangailte ri na sìthichean ann am bloga NàdarAlba ‘Sìthean na Gàidhealtachd’.

Èist ri Nan NicFhionghain ag innse sgeulachd mu na sìthichean a’ goid leanabh air Tobar an Dualchais.

 

 

 


Share

About Author

mm

Guest Blog

From time to time we have guest posts from partners, visitors and friends of Historic Environment Scotland.