San t-sreath bhidio as ùire againn ‘Sgeulachdan an Tac an Teine’, tha an sgeulaiche Magaidh Nic a’ Ghobhainn, a’ toirt cuireadh dhuibh a thighinn mun cuairt na teine airson ceithir seanchasan à Eilean Leòdhais. A’ dol air ais ann an tìm agus air feadh sgaoilteach cruth-tire Leòdhais, tachraidh sibh ri cinnidhean borb, bò shèimh nan sìthichean, bodach a fhuair beartas agus a chaill e a cheart cho luath, agus fuamhaire air an robh an Ciuthach.
Suidhibh, gabhaibh anail agus leigibh leis na seanchasan air YouTube drùidheadh oirbh.
Bha ùidh againn ann an seanchas pearsanta Magaidh, dh’iarr sinn oirre am blog seo a chur ri chèile, mu bhith ag innse seanchas, mar tha i ag adhartachadh na Gàidhlig agus an dualchas agus i dìorrasach mu sheanchasan Gàidhlig a chùmhnadh nan tobair-eòlas don ath ghinealach.
Seanchas, cànan agus àite
’S e Magaidh Nic a’ Ghobhainn a chanas iad rium, fhuair mi a’ Ghàidhlig aig a’ ghlùin, ’s tha mi a’ fuireach agus ag obair an Eilean Leòdhais. Bidh mi rùlach airson sheanchasan ann am beul-aithris agus gan toirt seachad beò aig tachartasan air an eilean, ann an sgrìobhadh, clàradh cruth didseatach agus air-loidhne. Bidh feasgar seanchais againn tric san Taigh Cèilidh ann an Steòrnabhagh.
Bhiodh na seanchaidhean bho chian a’ cumail iomadh seanchas fada toinnte air an cuimhne. Bha eachdraidh agus fiosrachadh mu ghnothaichean àrsaidheil eile an urra riuthasan, sloinntearachd nan treubhan, dlighe mhoraltachd agus an cronachadh ris am biodh iad an dùil mar a sheasadh iad.
Chan eileas a’ dùileachadh an t-seòrsa cuimhne sin an-diugh, ach feumar a bhith ag aithris seanchas agus amhrain tric ’son greimeachadh riutha nar cuimhne. Tha seanchas a’ còrdadh ri gach aois agus ’s caomh leam a bhith toirt nan deilbh a tha nam inntinn fhìn seachad, tha sin furasta dhomh sa Ghàidhlig. Ach feumaidh tu fhèin a bhith a’ faicinn an t-seanchais beò nad inntinn mus fhaic daoine eile e.
Mus tàinig telebhisean bhiodh mo sheanair agus na bodaich air an Acha, a’ bruidhinn air nuair a bha iad a’ cìobaireachd sa Cheann a Deas. Bha dùil againn gun robh Valparaíso dìreach deas air Na Hearadh. Tha mi den bheachd gu bheil an ceangal làidir a tha aig na Gàidheil ris an àite sna rugadh iad, gam fàgail a’ faicinn na tha tachairt san t-seanchas, air talamh ’s cladach air a bheil iad fhèin eòlach.

Adhar-dhealbh de An t-Achadh Mòr. Gabh sùil air an dealbh air tròbh.scot.
Nuair bhios mi a’ deasachadh a’ chruth a bhios air an t-seanchas, tha sin a toirt cothrom dhomh abairtean Gàidhlig agus fiosrachadh mun àite fhighe steach ann. Tha cead agam na facail a tha tighinn thugam na mac-mheanmna a chuala mi nuair a bha mi fàs suas. Th’abair cothrom airson facail fhuaimeasach. Feumar tuilleadh fiosrachaidh mu eachdraidh agus an dualchas a chur na lùib, a bheir barrachd stiùir dha luchd-èisteachd an latha an-diugh. Le bhith a toirt a-steach làraichean san eilean, tha mi an dòchas gun toir na làraichean fhèin an seanchas beò, san àm ri teachd.
Ceangal ris an t-saoghal a dh’fhalbh
Tha daoine a tha lorg mun cuid sinnsearachd, a’ greimeachadh ri seanchasan ionadail airson boillsgeadh fhaighinn air dòigh-beatha nan daoine sin, gu h-àraid dè seòrsa rudan a bha bualadh air am beatha agus an t-eòlas a bha acasan mun àite san robh iad beò. Fhuair mi inneas ann an 2005 air fuadaichean à Bhuidha Mhòr ann an Ùig ann an 1851, a chuir mi ann an alt air Ceanglaichean Innse Gall (Hebridean Connections). Chuir a’ chuibhle car air an neach a rinn an fhuadach bhrùideil, chaidh e fhèin a rotadh a Chanada agus bhàsaich e ann am bochdainn. Bho chionn ghoirid thàinig fios bho fhear a bhuineadh dhan duine bhochd sin, a leugh an seanchas air-loidhne, ’s e dol a thighinn a Leòdhas a ruamhar mu bheatha a shinnseir. Tha seanchas cumhachdach agus bheir iad air daoine a dhol dhan àite a chaidh ainmeachadh san inneas, ged a tha rudan fior dhuilich gabhail riutha na lùib.
Togaidh seanchas agus ceanglaichean mu na lathaichean a dh’fhalbh ceann gun fhiosta dhut. Chaidh brà a lorg air Na Lochan bho chionn ghoirid. Thug seo gu aire, fear tac a bha air Na Lochan mu na 1740an, a bha a’ treòrachadh na bha a’ còmhnaidh air an tac, iad an gràinne aca fhèin a thoirt gu Muileann an Tac ach am faigheadh esan earrann den luach a bha sa ghràinne. Thog e na bràthan bho na daoine agus shad e iad ann an slochd aig beul na h-aibhne an Lacasaigh. ’S iomadh feasgar Sàbainn a bha mi nam laighe air mo bheul fodha saoil am faicinn na bràthan ann an Slochd nam Bràthan. Ri linn na brà a chaidh a lorg an àite eile air Na Lochan ann an 2024, thàinig seanchas an fhir taic chrosta gu aire dhaoine agus thathas dol a dh’fhaighinn daibhear a thèid sìos feuch an lorg e na bràthan bho na 1740an. Nach toireadh seo an seanchas gu beul dhaoine eile nam biodh grunn bhràthan san t-sloc fhathast?
Chì sibh air Tobar an Dualchais iomadh seanchas a thug Pàdraig Sheonaidh à Bàrbhas seachad. Bha Pàdraig na fhear-ceàird a bhiodh a’ siubhal air feadh Leòdhais a’ cruinneachadh beul-aithris, mar bu dual. Ghlac seanchas mu fhear a bha a’ goid chrodh mi, ach cha deach innse càite na thachair seo air eagal gun tigeadh maslachadh air a’ bhaile. Tha coltas gun robh gille òg a’ lorg aighe a bha air a dhol air chall, agus dh’iarr e cuideachadh air athair, an gobha. A’ falbh na mòintich thuit an oidhche orra air iomall baile anns nach robh iad eòlach. Air turchairt lorg iad an duine a ghoid an agh. Tha an seanchas làn àbhachdais agus iomradh air cleachdaidhean a’ buntainn ri cumail stuic. Aig a’ cheann thall thug an gobha ’s a mhac leotha agh à stoc an fhir a ghoid am beathach aca fhèin. Chaidh an naidheachd air feadh an eilein gun robh fear a’ goid chruidh nam measg. Chaidh Niall an Aighe a thoirt air an duine agus sin rud nach robh dùil agam ris. Ainm a thàinig thugam nam chuimhne, bho chionn dà fhichead bliadhna thuirt cailleach anns a’ bhaile againn fhèin rium “Tha thusa thall air lota Niall an Aighe”. Cha robh lorg aice air mòran ach an t-ainm agus gur e seic mart a dh’innis air. Smaoinich fhèin nach mi bha air mo dhòigh seanchas fhaighinn mun talamh air an robh mi fhìn a’ fuireach. Chaidh an seanchas a thug Pàdraig Sheonaidh seachad, innse iomadach uair bhon uair sin. Th’abair turchairt!

Chaidh iomadh seanachas Gàidhlig air innse an tac an teine.
Seanchasan an ama ri teachd
Tha beul-aithris agus gnàthasan cainnt feumail airson eòlas, dualchas, mar a bhios duine ga ghiùlain fhèin agus cuimhneachain dòigh-beatha dhaoine air an tuath a chumail cruinn. Tha iad deatamach airson dìleab nan treubhan agus tha e cudromach gun tèid an glèidheadh. Seo cuid de na h-iomairtean anns a bheil mi sàs airson dèanamh cinnteach gun tèid an toirt dhan ath ghinealach.
Bloigh Beag le Beannachd sreath leabhraichean agus clàran CD. Chaidh an cruinneachadh agus an deasachadh le fear nach maireann, Murchadh MacLeòid HMI (1929-2013) à Griàis ann an Leòdhas agus Inbhir Nis, fhad ’s a bha e ruith air na sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean eadar 1970-1990an. Tha na leabhraichean nan cothrom dha daoine a fhuair a’ Ghàidhlig aig a’ ghlùin, a dhol domhainn dhan bheartas gam buin iad. Dha luchd-ionnsachaidh, bheir iad farsaingeachd air briathrachas, agus boillsgeadh air a’ cheangal eadar na Gàidheil agus an àrainneachd mun cuairt orra.
Tha sinn fortanach gu bheil beul-aithris làidir sa choimhearsnachd againn. Mar phàirt de phròiseact Alba Chruthachail, tha mi a’ clàradh cuid de ghaisgich fhoghainteach nan cinnidhean bho 1600an, sa Ghàidhlig bho Sheonaidh Murdo Dòmhnallach à Steòrnabhagh. A’ cumail mo chinn am measg bogha, saighead agus claidheamh, a’ gabhail iongnadh mu na spùinneadairean is an ulaidh a choisinn iad, tha seo cuideachd a’ comharrachadh dè na làraichean a tha air an eilean, far an robh blàran fuilteach uaireigin. Bidh cuid de na seanchasan rim faighinn ann an leabhar agus thig sreath pod-chraolaidh a-rithist. Thèid an innse sna bailtean agus mar ’s tric thig iomradh às ùr bho neach san èisteachd, mu mhurt no crochadh a thachair san sgìre aca fhèin.
Tha mi cur luach ann am bàrdachd à Leòdhas agus tha mi air bàrdachd sgìreil a chruinneachadh airson leabhraichean. Aon de na h-amhrain gu sònraichte sin Amhran Jasper, à sgìre nan Loch a chlàir Sgoil Eòlais na h-Alba mar amhran luaidh, ged a tha e aithnichte an seo mar dhàn spioradail. Tha na facail ag innse mu mhàthair a tha a’ guidhe gun till a mac sàbhailte à cogadh Napoleon agus i dèanamh dealbh air a bheatha thall. Chuir na briathran mu pheucagan agus rudan iongantach nach buin dhan dùthaich seo, iongnadh mòr orm. Gus an do dh’innis tè bha mìneachadh bàrdachd spioradail bhoireannach dhomh, gur e dealbhan dùthaich a’ Bhìobaill a bha tighinn beò na mac-meanmna. Tha Amhran Jasper a-nis air iteag agus tè a bha aig bùth-obrach amhrain air a thoirt leatha a Dhùn Èideann gu buidheann luaidh an sin, agus cuiridh iadsan air beulaibh dhaoine an t-amhran, a’ toirt ùrachadh don sgeul.
Tha amhrain èibhinn air aon dòigh air ar dualchas beò a thoirt seachad agus air ceanglaichean sluaigh a dhaingneachadh. A’ dèanamh dealbh air càite na thachair an suidheachadh, mac-meanmna an sgrìobhadair ann an rannan, tha iad air leth freagarrach ’son an seinn an dachaighean cùraim agus aig tachartasan dha daoine le dìth cuimhne sna bailtean. Tha daoine a’ greimeachadh ri rannan air dreach na sgìre aca fhèin agus aithnichidh tu dè am pàirt den eilean às a bheil iad, a rèir an èigheach nuair a chluinneas iad rannan fa leth no amhran. Gheibh mi tric tuilleadh rannan às an sgìre sin an uair sin agus còrdaidh e rium a bhith gan toirt seachad aig an ath thachartas.
Smuaintean mu seanchas san àm ri teachd
Chan eil mòran chothroman a bhith ag innse seanchas sna h-eileanan an-dràsta, feumaidh sinn barrachd rudan a chruthachadh air-loidhne ach an toir daoine luach à seanchas agus beul-aithris.
Tha beàrn mòr ann ach tha e deatamach gum bi sinn a’ comharrachadh aoibhneas an dualchas beò. Feumaidh sinn a bhith ag obair le sgoiltean agus òigridh eile airson eòlas agus fiosrachadh a thoirt dhaibh air an talamh air a bheil iad a’ fuireach. Eachdraidh nan daoine a dh’fhalbh, na bha iad a’ tuigsinn agus a’ creidsinn. ’S dòcha gur e dealbhan beò no filmichean goirid a tha nas càileire dhan òigridh a dh’fheumar airson seo a choileanadh.
Tha iarrtas mòr a’ tighinn bho luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a’ sireadh na bha an smior nan Gàidheal agus an spèis a bha aca dhan àrainneachd a bha gan cumail ann am biadh agus annlan.
Cha bhi fhios aig duine càit’ an tog seanchas ceann, cùm cluas ri claisneachd. ’S e obair latha tòiseachadh.
An t-ùghdar

Tha Gàidhlig aig Magaidh bho dhùthchas agus i às an Achadh Mhòr ann an Eilean Leòdhais, far a bheil beul-aithris air aiseag sìos tro na ginealaichean agus a’ leantainn air adhart a’ toirt cumadh air dearbh-aithne chultarach, a’ ceangal dhaoine ri an dualchas. Tha traidiseanan is eachdraidh sòisealta nan eilean aig cridhe gach nì a tha Magaidh ris a’ gabhail a-steach innse seanchas, rannsachadh, sgrìobhadh, na h-ealain cluiche agus treòrachaidh turasachd.