Nam biodh tu air innse rium bho chionn 40 bliadhna nuair a bha mi anns an oilthigh ann an Glaschu gum biodh 20 buidheann camanachd ann a-nis le sgiobaidhean boireannach, 31 sgioba uile gu lèir agus còig lìogaichean, cha ghabhainn a chreid.
Bho thoiseach a’ gheama is tron 19mh linn deug chaidh geamaichean iomain a chluich le fir na baile, is am measg sgìrean, ach gu h-eachdraidheil bha am spòrs air a chluich le fir a-mhàin. Bha Rèisimeidean Gàidhealach gan cluich thar na dhà chogaidhean mòra cuideachd.
Ann an 2017, tha a’ chiad bhoireannach Wendy Chamberlain bho Fiobha ach le ceanglaichean do Chaol Bhòid a’ suidhe na ball de Bhòrd-stiùiridh Comman na Camanachd, is tha a-nis suas gu 500 boireannaich a’ cluich a’ gheama. ’S ann aig sealbh a tha brath dè bha Màiri Mhòr nan Òran air a ràdh, no a sheinn, mun chùis còrr is ceud bliadhna air ais.
Chan e a-mhàin gu bheil àireamhan a’ sìor fhàs, ach tha far a bheil sinn a’ faicinn na sgiobaidhean seo inntinneach cuideachd. Feadhainn dhiù leithid Abairdothair, a tha air tighinn a-mach à sgìrean far nach eil dualchas fada sam bith a bhoineas do shaoghal na camanachd. Cuid eile a tha stèidhichte air sgìrean “àbhaisteach” na camanachd, leithid Bhàidneach, agus na Sgitheanaich cuideachd, a tha an impis saoghal na camanachd measg bhoireanaich a chur fon casan.
Cha mhòr nach eil e do-chreidsinneach mar a tha na boireannaich air tighinn air adhart. Sgilean nas fheàrr, deisealachadh nas fheàrr, structuran nas fheàrrr agus cinnt aca far a bheil iad a’ seasamh sa ghèam anns an fharsaingeachd, agus far a bheil iad ag iarraidh a bhith.
Tha e a-nis àbhaisteach gu leòr gum bi sgioba bhoireannach aig buidheann camanachd agus gum bi iad a’ cluich agus a’ gabhail gnothach ris a h-uile càil a tha a’ dol gu h-ionadail agus gu nàiseanta. Chionn a-nis tha slighe bhon sgoil gu geamaichean eadar-nàiseanta an aghaidh Èireann aca air am beulaibh.
Chan eil co-ionnanachd ann buileach fhathast, ach tha leithid oilthighean a’ cuideachadh le sin, a’ tarraing bhoireannaich chun ghèaim agus a’ toirt cothrom dhaibh eòlas a chur air an spòrs agus piseach a thoirt air a chluich aca. Agus an uair a thilleas iad dhachaigh, tha iad ann an suidheachadh mòran nas treasa a dhol an sàs ann an cùisean.
Tha mi den bheachd gu bheil seo na cùise airson subhachais, is tha mi an dòchas le leasachadh geama nam boireannach, bidh iomain air a ghlèidheadh mar phàirt de dhualchas na h-Alba.
Nuair a thig e gu bhith a’ cumail ceann a’ mhaide ri Èireann, tha pìos math againn ri dhol fhathast. `S e fìrinn na cùise gu bheil boireannaich na h-Éireann an dràsta cho fada air thoiseach oirnn gum feum sinn a bhith reusanta agus tuigseach mu nas urrainn dhuinn a choileanadh aig an dearbh àm. Tha iad air a bhith a’ cluich an sin bho chionn bhliadhnaichean; tha àireamhan agus stòras aca nach gabh buinnig an seo a’ chiad ghreis. Ach chan eil sin idir ag ràdh nach bu chòir dhuinn a bhith a’ feuchainn orra agus gam fàilteachadh a dh’Alba nuair a tha gèamaichean eadar-nàiseanta nam fear gan cluich.
Cha chreid mi fhèin gu bheil gèam nam ban sa chumantas deiseil airson a chur air teilebhisean fhathast. Freagarrach gu leòr airson aithris is cunntasan-goirid `s dòcha, ach thig an latha, tha mi an dùil, far am faic sinn làn gheam ga chraoladh.
Ma tha strìth aig leithid ball-coise faighinn a-staigh air na meadhanan, tha fhios nach e gnothach sìmplidh sam bith a th’ann do chamanachd nam ban iad fhèin a dhìgeadh a-staigh air na duilleagan cùil. Ach beag air bheag, chì sinn an tuilleadh adhartais agus piseach a’ tighinn air a’ ghèam am measg bhoireannaich na dùthcha.
Ma bu toil leibh barrachd a chluinntinn bho Hugh Dan thig gu X @hughdansport
Tha am bloga seo cuideachd sa Bheurla. Chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 2017 is air ùrachadh airson 2024.