A close-up of a colourful artwork in a Celtic style depicting scenes from myths featuring St Columba

Read in English

Tha e air a ràdh gun do thachair Calum Cille, a tha cuideachd aithnichte mar Columba, ri uilebheist Loch Nis, gu robh e a’ cath ri draoidhean Cruithneach agus gun d’rinn e mìorbhailean nuair a bha e a’ siubhal ann an Alba a’ searmonachadh mu Chrìostachd.

Mu 1500 bliadhna às dèidh làimh bhrosnaich na sgeulachdan sin Calum Cille ann an Alba,  obair ealain ùr a chaidh a chruthachadh le Sàr Neach-ceàirde Tòmas Keyes. Air a thaisbeanadh ann an Ionad-taisgealaidh an Tairbeairt, chaidh a chruthachadh a’ cleachdadh na stoidhlichean agus na stuthan a bhiodh manaich a’ cleachdadh anns na manachainnean a stèidhich Calum Cille. Rinn sinn blog mu dheireadh mun obair gun choimeas aig Tòmas air ais ann an 2022 agus gheibh sibh blas air a’ phròiseact as ùire aige gu h-ìosal.

Obair-ealain dathach agus toinnte ann an stoidhle manachail Cheilteach a’ sealltainn cuid de fionn-sgeòil mu Chaluim Chille

Folio bho Calumcille ann an Alba a tha air a thaisbeanadh ann an Ionad-taisgealaidh an Tairbeairt

A’ chiad choinneachadh ri Niseag?

Rugadh Calum Cille faisg air Doire ann an Èirinn a Tuath ann an 521 AD. Chaidh e na mhanach is e gu math òg agus fhuair e ionnsachadh bho chuid de na daoine a bu chràbhaich ann an Èirinn. Tha cuid de thùsan ag ràdh gu robh e air a choireachadh mar aon den fheadhainn a thòisich blàr anns an deach mu 3,000 duine a mharbhadh. Mar pheanas, dh’fhàg e Èirinn le shaor-thoil fhèin agus rinn e fògarrach dheth fhèin. Rinn e a dhachaigh air Eilean Ì, far na stèidhich e manachainn ann an 563 AD.

Caibeal cloiche beag air beulaibh Abaid Eilean Ì, a tha fada nas motha

Abaid Eilean Ì

À Eilean Ì chaidh e a-mach a dh’iompachadh na Cruithnich (buidhnean de dhaoine a bha a’ fuireach ann an ceann a tuath Alba bho timcheall air 300 AD gu 900 AD) gu bhith nan Crìostaidhean. Am measg an iomadh turas a rinn e bha cuairt suas Gleann Mòr Alba taobh Loch Nis.

Air an t-slighe tha e air a ràdh gun do choinnich e ri Cruithnich ionadail a dh’innis gu robh caraid dhaibh dìreach air a bhith air a mharbhadh le uilebheist uisgeach, gharg.  Tha an sgeulachd ag innse mar a thug Calum Cille òrdugh do mhanach snàmh tarsainn an loch a dh’iarraidh sgoth gus am faigheadh e fhèin agus a chuideachd tarsainn air an uisge, ach tharraing an snàmhaiche aire na bèist. Dh’èirich i suas às an uisge, airson ionnsaigh a thoirt air a’ mhanach.

Pìos à obair-ealain nas motha a’ sealltainn Calum Cille le ròb purpaidh air. Tha e a’ fògradh mòr-bhiast mara dearg is dubh. Tha coltach gu bheil calmain a’ sgèith à làmhan Calum Cille a-steach don bhiast a tha a’ briseadh na grunn mhìrean

Coinneachadh iomraiteach Chaluim Cille ris a’ bhiast mara mar a tha e ann an Calumcille ann an Alba

A rèir na sgeòil, gu ciùin rinn Calum Cille comharra na croise agus thug e òrdugh don uilebheist tilleadh gu a dachaigh. Theich an uilebheist air ais sa bhad mar gum bitear ga tarraing le ròpan. Thathar den bheachd gur e seo a’ chiad sealladh clàraichte de dh’uilebheist ann an Loch Nis. Saoil an iad seo na ciad ìomhaighean de Niseag?

Mìorbhailean aig an Dùn

Ìomhaigh cloiche shnaidhte de dhuine le feusag agus ròb

Ìomhaigh de Chaluim Cille ann an Eilean Ì.

Tha sgeul eile ag innse mu Chaluim Cille a’ tadhal air an dùn aig Rìgh Cruithneach, Bruiya, aig ceann shuas Loch Nis. Choisich e fhèin agus na manaich aige suas chun dùn agus dhiùlt na geàird na geataichean mòra fiodh fhosgladh. A rèir na sgeòil rinn Calum Cille comharra na crois agus dh’fhosgail na geataichean sa bhad airson a leigeil a-steach.

Thug seo buaidh air an rìgh agus thug e cuireadh dha fuireach, ach cha robh a dhraoidhean toilichte. Nuair a thòisich manaich Chaluim Cille a’ seinn nan salm dh’fheuch na draoidhean ri toirt orra sguir le seun draoidheil. Mar fhreagairt, nach ann a dh’fhàs seinn nam manach nas àirde gus an do thòisich an dùn air a dhol air chrith.

Pìos à obair-ealain nas motha a’ sealltainn geataichean dìon de fhiodh a’ sgoltadh fosgailte fhad ’s a tha Calum Cille is na manaich eile gan coimhead

Geataichean an dùin a’ fosgladh mar fhreagairt do Chaluim Cille

Mun àm a bha Calum Cille agus na manaich deiseil gu falbh bha na draoidhean air an sàrachadh leotha. Cho-dhùin iad seun eile a chur orra. Chleachd iad an cumhachd draoidheil aca airson gaoth làidir a chruthachadh a shèid an aghaidh an taobh a bha dùil aig Calum Cille agus na manaich seòladh.

Thug Calum Cille co-dhiù òrdugh dha a mhanaich na siùil a chur suas an aghaidh na gaoithe. Rinn e comharra na croise agus an dèidh sin sheòl iad air falbh aig astar, a’ dol an aghaidh na gaoithe.

Pìos à obair-ealain nas motha a’ sealltainn bàta làn mhanaich air a stiùireadh le dà phearsa le sgiathan agus ròb, ’s dòcha ainglean, a’ seòladh thairis air muir brosgalach. Tha cùrsa a’ bhàta a’ coimhead cunnartach, le aon mhanach is greim aige air a’ chrann gus nach tuit e thar bòrd.

Bàta Chaluim Cille a’ dèanamh a slighe tro na h-uisgeachan stoirmeil.

A’ glèidheadh nan sgeulachdan

Tha na sgeulachdan seo agus mòran eile mu bheatha Chaluim Cille air a bhith air an glèidheadh ann an cultar Gàidhlig, an dà chuid tro bheul-aithris agus tro sgrìobhadh, fad faisg air 1500 bliadhna. Tha mòran dhen fhiosrachadh a tha againn mu dheidhinn a’ tighinn bho Vitae Columbae. Chaidh seo a sgrìobhadh le Adomnán Eilean Ì timcheall air ceud bliadhna an dèidh a bhàis.

Stèidhich Calum Cille iomadh manachainn, le ginealaich nas anmoiche de mhanaich a’ cruthachadh cuid de na leabhraichean as bòidhche agus is iomadh-fhillte a chaidh a chruthachadh a-riamh. Bha iad a’ cleachdadh pàipear-craicinn bho sheicean laoigh agus dathan bho lusan agus mèinnirean ionadail. Am measg nan obraichean anabarrach seo tha Leabhar Durrow agus Leabhar Cheannanais, a chaidh a dhèanamh ’s dòcha ann an Alba, math dh’fhaodte fiù ’s ann am Port Mo Cholmaig.

Linntean às dèidh làimh, ’s e na h-obraichean, na stuthan agus na modhan-obrach sin a tha a’ brosnachadh Thòmais Keyes.

Recreating the Book of Kells

Update your third party preferencess to view content

Faic Calumcille ann an Alba

Tha Calumcille ann an Alba na phàirt de phròiseact Sgeulachdan air Seichean, air a dhèanamh comasach le Maoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta.

Tha e ri fhaicinn aig Ionad-taisgealaidh an Tairbeirt ann am Port Mo Cholmaig, Alba.  Seud beag de thaigh-tasgaidh, tha e stèidhichte air làrach manachainn Cruithneach na 8mh linn. Dh’fhaodadh e a bhith gun deach a’ mhanachainn a stèidheachadh le neach a thàinig às dèidh Chaluim Cille.

A bharrachd air taisbeanadh Sgeulachdan air Craicinn, bidh obair ealain agus tachartasan co-phàirteach san Ionad-taisgealaidh. Nam measg tha òraidean, innse sgeulachdan Gàidhlig, bùithean-obrach ceàirde agus cuairtean rùrachd.

Airson an tuilleadh sgeulachdan naomh, rannsaich na naoimh a rinn Alba. No, gabh turas mas fhìor gu Abaid Eilean Ì!


Share

About Author

mm

Guest Blog

From time to time we have guest posts from partners, visitors and friends of Historic Environment Scotland.